|
|
|
|
|
Eachdraidhean Beatha
|
Annette Bieker Cluicheadair
Às dèidh dhi grunn chùrsaichean a thòiseachadh ann an dràmadachd, naidheachdais is leighis fhuair i sgoil fharsaing ann an dràma, balbh-chluich, dràma-bodhaige agus seinn, am measg feadhainn eile le Milan Sládek (Folkwang Essen), Oleg Kudriaschow (Gitis Moskva) agus Ariane Mnouchkine (Théâtre du Soleil, Paris).
Stèidhich i an taigh-cluiche ciùil Kontra-Punkt ann am Berlin còmhla ri Frank Schulz. Bidh i ag obair mar stiùiriche is cluicheadair ann an raon dràma ciùil an latha an-diugh airson cloinne is inbheach mar is trice. Nì i na ciad seallaidhean còmhla ri opara-stàite Hannover, cuirm-chiùil rèidio NDR, cuirmean simphneach Bhochum is Dhüsseldorf agus Wuppertal mar is trice.
Fhuair a chiad phrògram solo, "Des Kaisers Nachtigall" (Spìdeag an Àrd-Rìgh) iomadh duais agus fhuair e cuireadh gu grunn fhèisean.
Fhuair pìosan dràma Kontra-Punkt cuireadh bho na Stàitean, an Nirribhidh, an Laitbhe, an Eilbheis, an Òlaind, Lugsamburg, an Ostair is dùthchannan eile agus cuideachd bho Semperoper Dresden, am Wiener Konzerthaus, an Theater am Gendarmenmarkt Berlin, aig na Werkstatt-Tagen ann an Halle is Leipzig, Theaterzwang, Triangel agus a-rithist is a-rithist aig fèis na cloinne is na h-òigridh NRW.
Thug an Goethe Institut cuireadh do "Über das Käfern" (Mun Daolagachadh), pìos stèidhichte air ùr-sgeul le Kafka, gu fèis dràma palastaineach ann an Ramallah ann an 1997.
Tha i 'na prìomh eagraiche aig fèis eòrpach an "6 Tage Oper" (Opara 6 Làithean) bho 1998 cuideachd.
|
|
|
|
|