|
|
|
|
|
Eachdraidhean Beatha
|
Guido Markowitz Sgrìobhadh-dannsa
Dh'ionnsaich Guido Markowitz bailead clasaigeach, dannsa co-aimsireach is an latha an-diugh agus dannsa jazz, am measg feadhainn eile le Rui Horta is Paul Haze. Bha cùmhnant aige leis a' Bhayerische Staatsoper ann am München eadar 1992 is 1994 agus às dèidh sin leis na Städtische Bühnen Münster mus deach e gu taigh-cluiche dannsa aig Staatstheater Darmstadt mar fear-solo is sgrìobhadair-dannsa ann an 1996. Tha Guido Markowitz ag obair air a cheann fhèin mar sgrìobhadair-dannsa is dannsair bho 2004.
Sgrìobh e pìosan dannsa, am measg feadhainn eile airson taigh-cluiche Stuttgart agus Heilbronn. 'S ann airson an Tanzcompagnie Giessen fo stiùireadh Tarek Assam anns a' phìos "Tango" a dh'obair e mar dhannsair mu dheireadh. Fhuair a phìos "Lust" (Miann) deagh mholadh eadar-nàiseanta is fhuair e cuireadh gu fèis "Tanz Art Ostwest" ann an Giessen agus chun an ChicagoDanceFestival ann an 2005. Tha a shaothair mu dheireadh, "Snow Motion" (Gluasad an t-Sneachda) 'na cho-shaothair leis a' Bhrotfabrik Bonn agus an Stadttheater Giessen agus 's ann anns an Fhaoilleach 2006 a bha a chiad sealladh.
Dh'obair Guido Markowitz còmhla ri daoine òga ann am pròiseactan eadar-dhealaichte. 'S ann an-dràsta fhèin a tha e ag obair air pìos dannsa air a bheil "Abflug" (A' Falbh air Iteag) anns an tanzhaus nrw còmhla ri daoine òga aig nach eil eòlas dannsa sam bith.
|
|
|
|
|