Logo
An t-Eilean Eachdraidh Sù nan Daoine Opara Uile-Làithreach Eachdraidhean Beatha Àite-Cluich Düsseldorf Na Buill Na Naidheachdan

Sù nan Daoine à Hiort...


Dh'fhàg na Hiortaich mu dheireadh (cha robh air fhàgail ach 36 seann daoine is clann) an t-eilean air iomall an t-saoghail air 29 dhen Lùnastal 1930 is chaidh iad gu tìr-mòr na h-Alba. Chrìon a' choimhearsnachd le eilthireachd na h-òigridh (a thug orra na bailtean air an tìr-mhòr no Ameireaga no Astràilia) ach cuideachd air shàilleabh nam miseanaraidhean, cinneadh-eòlaichean, luchd-tuineachaidh na h-Alba, gràdhaichean-daonna de gach seòrsa, an t-Arm, a' chiad luchd-turais a thàinig air thòir dhaoine annasach agus nan tinneasan a thug na ciad chèilichean ann is a bhuail gu trom air sluagh gun siostam im-dhìon agus a chrìon fiù ... leis an sgàthan.

Sgaoil iad boiseag coirce air an ùrlair agus b' fheudar dhaibh an teintean a mhùchadh airson a' chiad turas 'nan eachdraidh a mhair na ceudan no fiù na mìltean de bhliadhna.

Dh'fhosgail iad am Bìoballan air taobh-duilleag an Ecsoduis is dh'fhàg iad ann iad oir bha fios aca gun robh iad a' fàgail soraidh dheireannach is gu ìre sgriobtarail leis an àite.

Dh'innis iad gun robh iad a' faireachdainn mar gum b' e ainmhidhean ann an sù a bhiodh annta gu h-obann nuair a ràinig iad tìr-mòr na h-Alba is na mìltean de dhaoine a' coimhead orra le camarathan is innealan-dealanaich 'nan làmhan. Sù nan Hiortach air an t-slighe gu dol à bith.


Reic Clann MhicLeòid, urramach Dhùn Bheagain aig an robh Eilean Hiort, an t-Eilean dhan Bhana-Mharcais Bhòid ann an 1931 is thug ise seachad an t-eilean do dh'urras Nàiseanta na h-Alba saor an-asgaidh ann an 1957. Thionndaidh Hiort 'na thèarmann nàdair, seòrsa de phàirc nàiseanta.


Hiort, dìleab mac an duine...

Ghabh Roinn an Dìon Bhreatainn grunn acair-fhearainn air mhàil a' bhliadhna ud ge-tà is dùil aca cruinn-mhullaichean is sgàileanan ràdair a thogail, a-rèir coltais a chum dìon an aghaidh ionnsaighe le rocaidean niùclasach. Seadh, 's ann am meadhan a' Chogaidh Fhuair a bha sinn. Leig an t-Arm gu ìre bhig gach nì a bha ann gu làr gum biodh eagrachadh an eilein na b' èifeachdaiche is na b' ro-innleachdail agus aig a' cheann thall, ghabh iad còmhnaidh leis na canastairean Coca Cola 's na jukeboxes aca, 's iad a' faireachdainn na h-ùine fada, anns na bothain aca à iarainn lurcach a chaidh an togail ri taobh Loch Hiort.

Ach bha companaidhean an ola an làthair sa cheàrn ud mu thràth agus bha iad a' beachdachadh air fàth a ghabhail air an ùine agus na h-acainnean aca a stèidheachadh air an eilean, faisg air na h-achaidhean ola aca. Chaidh ceadachasan an toirt seachad ann an 1007 airson làn-fheum a dhèanamh de bharrachd air 57,000 cilemeatair ceàrnagach de ghrunnd na mara airson rannsachadh faisg air eileanan Hiort.

Ach ghluais luchd eag-eòlais, eun-eòlais is luchd-iomairt Greenpeace sa bhad ann an 1998 agus dh'iarr iad gun cuirear eileanan Hiort ri liosta raointean Oighreachd Mac an Duine fo ionnsaigh. An dèidh sin 's na dhèidh, chan e fearann airson nan eun a tha gu ìre bhig gun samhail anns a' cheàrn seo dhen t-saoghal a tha ann an Hiort ach tha am muir mun cuairt air na h-eileanan cuideachd làn le iomadh gnè a mhamail-mhara mhòra a tha an impidh dol à bith.


Gu dearbh, tha Hiort fo dhìon UNESCO mar oighreachd an t-saoghail, an dà chuid air sgàth na coimhearsnachd a chaidh à bith ann is nan làraichean a dh'fhàg iad agus air sgàth iallan nan eun is treudan na mara mìorbhaileach a tha a' fuireach air na h-eileanan is anns a' mhuir mun cuairt orra.


Luchd-Taice


Coimisean an AE


Riaghaltas Roinneil NRW
Cathair Düsseldorf
Urras nan Ealan is a’ Chultair an Stadtsparkasse Düsseldorf Kunststiftung NRW
Fonds Darstellende Künste e.V.
Stiftung Van Meeteren
Vysoká škola
múzických umení

EVKM