Logo
An t-Eilean Eachdraidh Sù nan Daoine Opara Uile-Làithreach Eachdraidhean Beatha Àite-Cluich Düsseldorf Na Buill Na Naidheachdan

HIORT
MAC-TALLA NAN EUN
Eachdraidhean Beatha




Alyth MacCormaig
air an àrd-ùrlar ann am Mons-Bergen (B)

Tha gaol aig Alyth air seinn agus leigidh i fios dhan luchd-èisteachd gun fhiosta dhaibh.
Dh'fhaodadh gur ann à Leòdhas a tha i is gu bheil i a' seinn ann an Gàidhlig (ach chan ann a-mhàin) is gu bheil i a' nochdadh le clàrsach is fidheall gu tric ach chan e seinneadair tradaiseanta a-mhàin a tha innte. Fhuair i sgoil ciùil ro fharsaing a bhith 'na seinneadair tradaiseanta a-mhàin agus tha buaidh meanbhalaistean leithid Steven Reich, brosnachadh roghainneach leithid John Adams, roc fìnichte is jazz mòdaileach oirre. Bha eisimpleirean leithid June Tabor is Márta Sebestyén a' dol còmhla rithe air slighe a thug i gu àite far an urrainn dhi seinn a capella ann an talla sna h-Eileanan an Iar agus còmhla ri buidheann fusion samba ann am prìomh bhaile an ath latha. Tha i glè chofhurtail air an àrd-ùrlar agus cruthaichidh i meadhan ciùin le a ceòl, rud a rinn i ann dà chuid (roimhe) leis na close harmony vocalists ann an Shine no le jazz/roc iomlan ann an Sunhoney agus leis a buidheann ceathrair fhèin a-nis.

Thogadh i air Eilean Leòdhas air cladach iar-thuath na h-Alba. Chaidh a bogadh gu domhainn ann an cultar nan Eilean agus bha fhuair i cothroman a dhol air an àrd-ùrlair glè òg. Chuir i roimhpe leantainn ris an t-slighe seo. Dh'fhalbh i air feadh na Gearmailte, na Spàinne, na h-Eadailte, na h-Eastoine, Ameireaga a Tuath, Bhreatainn, Bhraisil, na h-Èireann, na h-Eilbheise, na Grèige, na h-Ostaire, na h-Ungaire, Nirribhidh is na Suaine is i a' cur grinneas air a comasan.
Rinn i clàir còmhla ri luchd-ealain bho raointean cho iomadach 's a ghabhas rè na h-ùine seo, 16 clàir gu ruige seo, agus chlàraich i a' chiad CD solo aice, "An Iomall", ann an 2000 le "Vertical Records".

Beachd an luchd-naidheachd:
'Tha gu leòr ann an dusan òran fad 42 mhionaid a dhearbhaich dhomh, gum fiach e èisteachd ri Alyth'

'Tha grunn dhe na h-òrain aig Alyth ann an Gàidhlig, cainnt a h-eilean, Leòdhas, ach tha na rianan cùramach aice is tha 'a dòigh-sheinn sheòlta is dhlùth-chàirdeil a' bruidhinn e fhèin' (Sue Wilson - songlines)

'Òrain thradaiseanta Ghàidhlig ann an eudach ùr; tha cuid dhiubh sìmplidh, cuid dhiubh ann an cruth a tha a' toirt Björk an cuimhne. Ge be dè an cruth, tha iad a' cur gaoir annam.' (New York - Time Out)

'Nuair a bha a' bhana-seinneadair òg à Leòdhas seo air an àrd-ùrlar o chionn ghoirid is i a' sealltainn stuth bhon chiad albam solo aice 'An Iomall', fhuaradh dearbhadh air a cliù a tha a' sìor-fhàs mar aon de na tàlantan as brosnachail a tha a' tighinn a-nìos ann an saoghal seinn na Gàidhlig.' (An t-Albannach)

Tha Alyth ag obair air an albam solo ùr aice an-dràsta agus a' tadhal le ceithir pìosan aice fhèin. Tadhail air www.alyth.net airson barrachd fiosrachaidh.


Eachdraidhean Beatha


Malcolm
Maclean

Lew
Bogdan

David Paul
Graham

Jean-Paul
Dessy

Iain Finlay
Macleod

Jan
Kocman

Frank
Schulz

Gilles
Combet

Geneviève
Mazin

Fabrice
Guillot

Tatiana
Stepantchenko

Ferdinand
Götz

Anna
Murray

Alyth
McCormack

Michael
Klevenhaus